Hayseed Dixie ann an Gàidhlig Albanach

 

Thoisich Hayseed Dixie anns an t-Samhradh 2000 is na gleanntan torach Deer Lick Holler, domhain anns na beanntan Appalachian de Tennessee an Ear ann an Ameireaga. Anns an duthaich seo a bha aig aon uair air leth bho buaidhean culturach is ceòlmhor, dh'fhas na balaich an aird' a'cluich ceòl traideasanta a bh'aig na h-athraichean, air bainsio, fìdheal, mandolin, giotar fuaimneach agus bass fuaimneach.


Dh'atharraich seo gu cas aon feasgar nuair a chuir coigreach a chàr na smàl ann an craobh aosd darach air lùb gu math cunnartach, a tha an fheadhainn ionadail ainmeachadh "Uileann an t-Sàtan". Gu mì fhortanach, bhàsaich an coigreach, ach tha a dhìleab fhathast beò! Fhads a bha na balaich a'dol troimh an lèir sgrios a'coimhead airson dearbh-aithne an duine, lorg iad dha neo thrì clàran-fuaimneach AC/DC. As deidh dhaibh seo a'chluich air seann Edison 78rpm Victrola, dh'aontaich iad gu robh na h-òrain nar ceòl dùthchail math dha-rìreabh agus gu robh an Rathad-mòr Chall aig Bràthair Hank Williams agus an Rathad-mòr gu Ifrinn aig AC/DC an t-aon dearbh rathad! Agus tha càch a-nis air thaisg ann an eachdraidh ceòlmhor.